taobh cùil an dorais - cha bhi grian
suidh aig bòrd
cha bhi biadh 's cha bhi fìon
taobh cùil an dorais - cha bhi grian
cha bhi biadh 's cha bhi fìon

le èiginn ar n-èirigh às ar suain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain
an Gàidheal 's a leabaidh
an Gàidheal na shuain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain

thàinig e à Sasainn ann
thàinig e
le eachaibh luath is iuchair throm
thàinig e à Sasainn ann
le eachaibh luath is iuchair throm

le èiginn ar n-èirigh às ar suain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain
an Gàidheal 's a leabaidh
an Gàidheal na shuain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain

air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
cha bhi gealach
's dubh an oidhche chaidleas sinn
air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
's dubh an oidhche chaidleas sinn

le èiginn ar n-èirigh às ar suain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain
an Gàidheal 's a leabaidh
an Gàidheal na shuain
le èiginn ar n-èirigh às ar suain